Gu h-àrd: Teampall Naomh Mhìcheil ann an Griomasaigh.

Crìosdachd Thràth an Uibhist: Geàrr-chunntas
Le cruinneachadh goireasan na làraich-lìn seo, tha e nar rùn beachd-smaoineachadh air Crìostachd thràth ann an Uibhist a phiobrachadh. Le bhith a’ cleachdadh an fhacail ‘tràth’ tha sinn a-mach air an linn mus tàinig na Lochlannaich a dh’Uibhist, ’s e sin eadar an 6mh linn (agus Crìostachd a’ toirt buaidh air àiteachan eile air taobh siar na h-Alba) agus an 10mh linn, nuair a bha tuineachadh nan Lochlannach fo làn-sheòl.
Tha cion-fiosrachaidh a’ fàgail gu bheil a’ cheàrnaidh seo de dh’Alba – Uibhist, cho math ri Innse Gall agus taobh siar na tìr-mhòir – an uireasbhaidh nach beag gus an linn ro-Lochlannach a mhìneachadh, ’s gu sònraichte a thaobh eachdraidh na h-eaglaise. Tha àrc-eòlas air corra shealladh a thoirt dhuinn air beatha làitheil na linne seo ann an Uibhist, m.e. Dùn Mhùlan no Bornais. Ge-tà, tha fianais àrc-eòlasach mu ghnìomhan cràbhach nas ainneimhe an seo na tha sa chòrr de dh’Alba. Cho math ri gainnead sgrìobhainnean eachdraidheil, tha seòrsachan fianaise eile gann cuideachd, an leithid chlachan snaidhte sam bheil na h-uimhir de dhealbhan grinne a tha cho cuideachail gu bhith a’ soillseachadh beagan dhen eachdraidh Chrìostail ann an Arcaibh is Sealtainn. Bha a’ bheàrn seo a’ fàgail gun robhar a’ mìneachadh eachdraidh Chrìostail na sgìre mar mheur de dh’eachdraidh Eilean Ìdhe, far a bheil fianais mhath shoilleir ann; agus cha robh sin math gu leòr.
Am measg nam fianaisean a tha ann an Uibhist, tha ainmean-àite, cuid a bhuineas ri Linn nan Lochlannach, agus cuid eile a dh’fhaodadh buntainn ri linn nas tràithe. ’S e ainmean àiteachan (Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas) a tha air an cruinneachadh an seo aig a bheil ceangal ri Crìostachd thràth ann an Uibhist, a rèir an ainme air neo stuth buntainniche a lorgadh ann. Tha ainm naoimh air mòran dhiubh, agus tha sinn air fianais a chruinneachadh air na naoimh sin feuch dè th’ aca ri ràdh mu sgeulachd Chrìostail nan eileanan.

Thachair gun robh dà cheum ann a bhith a’ faighinn tuigse air Crìostachd thràth an Uibhist. An toiseach, bha againn ri sùil a thoirt air ais, agus far an robh e comasach, na làraichean agus naoimh a bhuineas ri linn na b’ anmoiche a chur às an t-sealladh. Bha an glanadh seo feumail ann a bhith a’ leigeil fhaicinn dè an fhianais a dh’fhaodamaid a chleachdadh ann am mìneachadh na linne ro-Lochlannaich seo, agus cò iad na làraichean nach robh gu feum.
Le seo air a dhèanamh, tha sinn saor gu bhith beachdachadh air cruinneachadh nas gainne de dh’fhianais a dh’fhaodadh buntainn ris an linn seo. Mar a chìthear, tha a liuthad dòigh ann gus an fhianais seo a mhìneachadh agus chan eil cinnt dheimhinnte mu ghin aca. ’S e na leanas cuid a dhòighean gus an fhianais a mhìneachadh gus beachdachadh air sgeul Crìostachd thràth an Uibhist.
1. Sùil air ais
Tha na h-eisimpleirean air an làrach-lìn seo a’ leigeil leinn cuid de na làraichean agus na naoimh nas anmoiche a chur dhan dàrna taobh. Ge-tà, tha e cudromach a ràdh gu bheil cuid de na h-eaglaisean agus làraichean eile feumail gu bhith a’ toirt sealladh air coltas na h-eaglaise anns na linntean nas anmoiche, anns na meadhan-aoisean no nan dèidh.
Tha deagh shamhla air mar a dh’fhaodas caochladh ìrean de dh’aosmhorachd a bhith an lùib nam pìosan fianaise seo anns a’ chruinneachadh a rinn Alasdair MacGilleMhìcheil, [simple_tooltip content='Carmichael, A. 1900. Carmina Gadelica (Dùn Èideann) <https://archive.org/details/carminagadelicah03carm/page/n9>.']Carmina Gadelica[/simple_tooltip]. Mar eisimpleir, ged a bha cleachdaidhean a’ dol ann an linn MhicGilleMhìcheil air Là Fhèill Mhìcheil aig Rubh’ Àird Mhìcheil agus ann an àiteachan eile, tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air sealltainn gur b’ e cothlamadh de chleachdaidhean a bhuineadh ri diofar linntean a bh’ ann an aithris MhicGilleMhìcheil san [simple_tooltip content='Carmichael, A. 1900. Carmina Gadelica (Edinburgh) <https://archive.org/details/carminagadelicah03carm/page/n241>.']Carmina Gadelica (1900, 200-7)[/simple_tooltip], agus nach b’ e cleachdadh fìor-àrsaidh gun atharrachadh a bh’ ann idir. Uair is uair nuair a bha sinn ag obair air a’ phròiseact seo, thàinig sinn an lùib na h-uimhir de chleachdaidhean bhon 19mh no 20mh linn agus coltas àrsaidh orra, ach gun dòigh air an àrsaidheachd sin a dhearbhadh le fianais sam bith eile. Tha e coltach gur b’ e a bh’ annta ach dòighean ‘ùra’ air an eachdraidh a thuigsinn, seach fìor fhianais dhe saoghal nas sine. Mar eisimpleir, a rèir [simple_tooltip content='OS Name Books, Inverness-shire Ordnance Survey Name Books, 1876-1878. ScotlandsPlaces <https://scotlandsplaces.gov.uk/digital-volumes/ordnance-survey-name-books/inverness-shire-os-name-books-1876-1878>.'] Leabhraichean Ainmean-àite OS (OS1/18/10/84)[/simple_tooltip] bha beachd ann gur b’ e ‘àite-tìodhlacaidh do bhana-phrionnsa Lochlannach ris an cante Alua no Oloff a thàinig a dh’Uibhist ri linn stoirme’ a bh’ ann an Cill Amhlaidh. Ged a tha leithid a bheachdan agus a chleachdaidhean inntinneach, cha bhuin iad ri Crìostachd thràth Uibhist.
Gu h-ìre, chaidh atharrachadh is mùthadh a dhèanamh air an fhianais a th’ againn an-diugh aig ginealaichean de shagairt agus mhinistearan a bha ag ùrachadh no a’ glacadh ri dualchas na sgìre. Ann am Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath (agus an Leòdhas is mar sin), mar eisimpleir, dh’fhaodadh gur b’ e seòrsa de cheann-sìos a bh’ ann an cleachdadh an fhacail teampall seach cille air na h-eaglaisean na bu shine, a bhuineadh dhan linn ron Ath-leasachadh. Ge-tà, dh’fheumamaid sgrùdadh iomlan air cleachdadh an fhacail teampall gus seo a dhearbhadh. Bho shean, bha am facal cille ga ghabhail air cunntas de na làraichean a tha an-diugh nan teampall, m.e. Teampull Chaluim Chille ann am Beinn na Faoghla, air an robh Kilcholambkil an tòiseach.
Dh’fhàg obair miseanaraidhean na h-ochdamh linne deug an làrach fhèin air na h-eileanan Caitligeach. Far an robh uair beachd ann gum faodadh Caibeal Dhiarmaid ann an Togha Mòr a bhith a-mach air naomh on 9mh linn ([simple_tooltip content='Raven, J. 2005. ‘Medieval landscapes and lordship in South Uist’ (tràchdas PhD neo-fhoillsichte, Oilthigh Ghlaschu), 160-2.']Raven 2005, 160-2[/simple_tooltip]), tha e nas coltaiche on fhianais gur ann a-mach air an Èireannach Diarmaid Ó Dubhagáin (Dermot Duggan) a tha e, sagart agus miseanaraidh on òrd Vicent a bha a’ saothrachadh ann am Barraigh agus Uibhist agus a bhàsaich ann an 1757. A rèir aithris on àm bhathar ga mheasadh mar naomh an dèidh a bhàis. Tha an eisimpleir sin na rabhadh dhuinn gum feumar a bhith a’ toirt gach linne fa-near nuair a thathar a’ sgrùdadh fianais a tha cho briste ris na th’ againn an Uibhist.
’S dòcha gur b’ e linn Rìoghachd nan Eilean an linn a bu mhotha a thug buaidh air cruth na h-eaglaise agus an adhraidh. Dhan chuid a bu mhotha de làraichean Crìostail far a bheil fianais, can làraichean eaglaise, tha na toglaichean fhèin a’ buntainn dhan linn seo eadar ca. 1100 agus na 1560an. Ann an corra eisimpleir tha fianais mhath againn air buaidh Eilein Ìdhe, a’ mhanachainn a bu chudromaiche san linn seo far an robh Easbaig nan Eilean suidhichte bho àm gu àm agus e na uachdaran-fearainn agus na riaghladair-eaglaise—taigh nam ban-cràbhaidh cuide ris a’ mhanachainn—leithid Baile a’ Mhanaich agus Baile nan Cailleach ann am Beinn na Faoghla (faic [simple_tooltip content='MacDonald, J.C. 2010. ‘Iona’s Local Associations in Argyll and the Isles, c1203-c1575’ (Tràchdas PhD, Oilthigh Ghlaschu).']MacDonald 2010[/simple_tooltip])). Dh’fhaoidte gur b’ e an ceangal seo, seach ceangal na bu shine, a dh’fhàg Calum Cille air cuid de dh’ainmean-àite Uibhist, leithid Teampull Chaluim Chille ann am Beinn na Faoghla. Cha robh Manachainn Eilein Ìdhe na h-aonar a’ toirt buaidh air Uibhist san linn seo. Bha Teampull na Trionaid, an Càirinis an Uibhist a Tuath, fo sheilbh Priòireachd Innis Aifrinn (Inchaffray Priory) ann an Siorrachd Pheairt, agus tha coisrigeadh na Trianaid Naoimh a’ buntainn ris an linn seo. Le sin air a ràdh, tha e ri aithris cuideachd gur b’ i Beathag nighean Shomhairle Mhòir Rìgh nan Eilean a stèidhich an eaglais sin, cho math ri taigh mhnathan-cràbhaidh ann an Eilean Ìdhe, a’ cur nar cuimhne gun robh ùrachadh nach beag a’ dol anns an 12mh agus 13mh linn.
Anns na linntean sin, bha Uibhist gu ìre bhig no mhòir fo uachdranas na h-eaglaise Lochlannaich, fo sgèith àrd-easbaigeachd Nidaros, air a bheil Trondheim an-diugh. Bha i mar phàirt dhen sgìre-easbaig Suðreyar, no “Na h-Eileanan a Deas” (faic [simple_tooltip content='Woolf, A. 2003. ‘The Diocese of Sudreyar’, in S. Imsen (ed), Ecclesia Nidrosiensis 1153–1537. Søkelys på Nidaroskirkens og Nidarosprovinsens historie (Trondheim), <https://www.academia.edu/313158/The_Diocese_of_Sudreyar>, 171-81; Thomas, S. 2014 ‘Introducing our Bishoprics—Sodor’, on Bishops’ Careers Blog: <https://bishopscareersblog.wordpress.com/2014/06/25/1-introducing-our-bishoprics-sodor/>.']Woolf 2003; Thomas 2014[/simple_tooltip]). ’S e cuimhneachan cudromach a tha seo gu bheil taobh Lochlannach ri dualchas Crìostachd Innse Gall—bhiodh e furasta a dhìochuimhneachadh, a dh’aindeoin an sgrios a rinneadh air eaglaisean is eile, gun do dh’iompaicheadh na Lochlannaich gu Crìostachd agus feumaidh gun robh iomadh ginealach de Chrìostaidhean Lochlannach ann an Uibhist. Tha fianais ainmean nam bailtean a’ dearbhadh gun deach an ainmeachadh o thùs ann an Seann Lochlannais: Dreumasdal, Ormacleit, Stadhlaigearraidh, Frobost, Baghasdail, Bornais, Dalabrog, agus sin àireamh às a’ Cheann a Deas a-mhàin. Ged nach d’ rinneadh sgrùdadh iomlan air ainmean-àite Uibhist, tha e gu soilleir na fhaileas air na chì sinn ann an Leòdhas ([simple_tooltip content='Cox, R. 2002. The Gaelic Place-Names of Carloway, Isle of Lewis: Their Structure and Significance (Baile Átha Cliath).']Cox 2002[/simple_tooltip]) no ann an Ìle ([simple_tooltip content='Macniven, A. 2015. The Vikings in Islay. The Place of Names in Hebridean Settlement History (Dùn Èideann).']Macniven 2015[/simple_tooltip]).
Tha dà sheòrsa fianaise a’ seasamh a-mach an seo. An tòiseach, tha ainmean-àite Lochlannach a nì iomradh air adhradh Crìostail. A’ cur nan ainmean papar dhan dàrna taobh, tha a leithid *Circeabost (Seann Lochlannais *Kirkju-bólstaðr) sa Cheann a Tuath, air nach eil sgeul an-diugh ach anns na h-ainmean Eilean Chirceaboist agus Cladach Chirceaboist. Dh’fhaoidte gu bheil stèidh an ainm-àite seo a’ luaidh air fearann a bha leis an eaglais, seach làrach eaglaise sin fhèin. ’S e ceist nas duilghe cò an eaglais aig an robh am fearann—dh’fhaoidte an tè an Cille Mhoire. Sa Cheann a Deas tha Circeadal (Seann Lochlannais *Kirkju-dalr) cuideachd a’ luaidh air fearann na h-eaglaise bho Linn nan Lochlannach. Thèid na h-ainmean seo a chur còmhla ris an dàrna seòrsa fianaise: an aon choisrigeadh a bhuineas ris an linn seo, anns a’ Cheann a Deas. Cha mhòr nach eil làn-chinnt ann gu bheil Cill Amhlaidh a’ luaidh air an rìgh agus an naomh Amhlaíbh Rìgh Lochlainn, a bhàsaich ann an 1030 agus a fhuair àrdachadh-inbhe mar naomh air feadh Lochlainn goirid an dèidh a bhàis (agus a dh’aindeoin cuid de na rinn e). Dh’fhaoidte gum buin an eaglais agus an coisrigeadh dhan 11mh linn, no dh’fhaoidte an 12ra linn, nan deach a stèidhicheadh ann an linn far an robh sgìre-easbaig nan Eileanan a Deas fo sgèith uachdranas Lochlainn. A rèir Barbara Crawford, tha coisrigidhean nan naomh ann an Innse Gall a’ tighinn o “linn de stèidheachadh eaglaisean leis na Lochlannaich an dèidh an iompachaidh” ([simple_tooltip content='Crawford, B. 1987. Scandinavian Scotland (Manchester).']Crawford 1987, 167[/simple_tooltip]). Agus leis gu bheil e coltach gun do thogadh Cille Donnain uaireigin an dèidh 1100, feumaidh sinn an tuilleadh cnuasachaidh ([simple_tooltip content='Fleming, A. & Woolf, A. 1992. ‘Cille Donnain: A late Norse church in south Uist’, Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland 122, <https://archaeologydataservice.ac.uk/archiveDS/archiveDownload?t=arch-352-1/dissemination/pdf/vol_122/122_329_350.pdf>, 329-350; Parker Pearson, M. (ed.), 2012. From machair to mountains: archaeological survey and excavation in South Uist (Oxford).']Fleming and Woolf 1992; Parker-Pearson 2012[/simple_tooltip]).
Ged a tha Cill Amhlaidh air a coisrigeadh do naomh Lochlannach, agus sin na fhaileas air linn agus uachdranas Lochlannach, ’s e ainm Gàidhlig a th’ ann. ’S iad na h-ainmean eaglaiseil a-mhàin an fheadhainn nach eil a’ tighinn o chànan nan Lochlannach am measg ainmean-àite nam bailtean mòra, ’s gu sònraichte an fheadhainn sam bheil cill. Agus dh’fhaodadh gu bheil seo cudromach. Ged a tha fianais air ainmean-àite Lochlannach ceangailte ris an eaglais agus fearann na h-eaglaise, chan eil sgeul air ainmean nan eaglaisean fhèin a thàinig on t-seann Lochlannais. Chan eil am facal Lochlannach kirkja, mar eisimpleir, ga chleachdadh sna h-ainmean aca fhèin (mar a th’ againn ann am bailtean Lochlannach ann an Sasainn an leithid Ormskirk ann an Lancashire). (Ged a tha ainm dithis naomh a’ nochdadh sna h-ainmean Barraigh is Tarasaigh: faic Barr agus Torranan fo Teampull Chaluim Chille.) Tha seo a’ cur nar sùilean gun do chùm a’ Ghàidhlig oirre mar chànan na h-eaglaise, a dh’aindeoin iompachadh nan Lochlannach. Tha fianais on sgìre nas fharsaing gur b’ iad na Gàidheil a bha an urra ri frithealadh air Crìostachd nan Lochlannach ann an Innse Gall, agus gur b’ ann fo bhuaidh Ghàidhealach a leasaicheadh e ([simple_tooltip content='Smyth, A.P. 1984. Warlords and Holy Men. Scotland AD 80–1000 (London), 141-74, 211-14; Clancy, T.O. forthcoming. ‘The Church and the Domains of Gaelic in Early Medieval Scotland’, in W. McLeod et el. (eds), Rannsachadh na Gàidhlig 10 (Edinburgh 2018) (Dùn Èideann).']m.e. Smyth 1984; Clancy ri thighinn[/simple_tooltip]; airson còmhradh coileanta air iompachadh nan Lochlannach ann an Innse Gall, faic [simple_tooltip content='Abrams, L. 2007. ‘Conversion and the Church in the Hebrides in the Viking Age: “A Very Difficult Thing Indeed”’, in B. Ballin Smith, S. Taylor and G. Williams (eds), West over Sea. Studies in Scandinavian Sea-borne Expasion and Settlement before 1300 (Turnhout), 169-93.']Abrams 2007[/simple_tooltip]).
Tha seo cudromach ann am mìneachadh Crìostachd thràth an Uibhist oir, ma chùm an eaglais oirre a’ cleachdadh na Gàidhlig tro Linn nan Lochlannach, ’s iad ainmean Gàidhlig nan eaglaisean am measg nam fìor bheag de dh’ainmean Gàidhlig a chaidh a ghlèidheadh on linn nas tràithe. Dh’fhaodadh seo a bhith buileach na bu chudromaiche mura robh a’ Ghàidhlig aig a’ chuid a bu mhotha de shluagh Uibhist san linn mus tàinig na Lochlannaich (faic gu h-ìseal).
Mar sin, air dhuinn corra sheòrsa fianaise a chur dhan dàrna taobh, tha buidheann de dh’ainmean-àite air fhàgail againn a dh’fhaodadh a bhith air am mìneachadh ann an grunn dhòighean. Dh’fhaoidte gun deach feadhainn dhiubh, an leithid Chill Choinnich (faic *Kilchainie agus Beinn Ruigh Choinnich), no Cille Donnain ann an Uibhist a Deas, ainmeachadh ann an linn nas tràithe, ged nach eil fianais nas cinntiche againn air làthaireachd nan làraichean seo mus tàinig na Lochlannaich. Dh’fhaodadh gur iad na làraichean, na h-ainmean-àite, agus na naoimh seo an cothrom as fheàrr againn gu mìneachadh Crìostachd thràth an Uibhist.
2. Fianais airson na linne nas tràithe.
Tha dà phìos de dh’fhianais ann a tha a’ dearbhadh gum faoadadh gun robh a’ Chrìostachd ann an Uibhist san linn mus tàinig na Lochlannaich. Ge-tà, aig an ìre-sa, chan eil cinnt ann an robh. Tha sinn a’ smaointinn gun tàinig a’ Chrìostachd a dh’Uibhist san linn ro-Lochlannach (can, bhon 6mh linn chun na 10mh linn) leis mar a sgaoil i gu àiteachan eile ann an Alba, ach chan eil fianais dhìreach ann mar a th’ againn ann an Eilean Ìdhe, Eilean Eige, air a’ Chomraich, no Arcaibh is Sealtainn. Tha an dìth fianais seo fiù ’s air toirt air na h-àrc-eòlaichean as ionnsaichte mun linn seo an Uibhist a Deas, Mike Parker Pearson agus Niall Sharples, a bhith teagmhach an robh a’ Chrìostachd idir ann mus tàinig na Lochlannaich ([simple_tooltip content='Parker Pearson, M. (ed.), 2012. From machair to mountains: archaeological survey and excavation in South Uist (Oxford).']Parker Pearson 2012[/simple_tooltip]).
Tha e coltach gu bheil corra chlach shnaidhte ann a tha a’ buntainn dhan linn seo, mar eisimpleir ann an Togha Mòr agus Teampull Chaluim Chille ann an Uibhist a Tuath [simple_tooltip content='Fisher, I. 2001. Early Medieval Sculpture in the West Highlands and Islands (Dùn Èideann).']Fisher 2001, 11, 108-12[/simple_tooltip]). Dh’fhaodadh gun leigeadh an fhianais seo leinn a ràdh gun robh na làraichean seo gan cleachdadh aig Crìostaidhean san linn seo, ach bhiodh e doirbh an còrr a ràdh. Ge-tà, tha clachan mar seo a’ leigeil leinn dearbhadh gu bheil na làraichean seo nas aosta na na meadhan-aoisean fhèin.

Tha fianais shoilleir eile air a’ Chrìostachd an Uibhist san linn ro-Lochlannach ann an dà ainm-àite san t-seann Lochlannais. Tha iad stèidhichte air an fhacal papar, a dh’fhaodadh a bhith a’ luaidh air an luchd-eaglaise a bha a’ còmhnaidh anns na h-Eileanan an Iar agus a Tuath nuair a thàinig na Lochlannaich. Chaidh sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na h-ainmean papar agus na h-àrainneachdan mun cuairt orra (cf [simple_tooltip content='The Papar Project, 2005. <http://www.paparproject.org.uk/introduction.html>.']Papar Project[/simple_tooltip]) agus ged a bha tòrr dheth neo-chinnteach, tha e a’ leigeil leinn beachdachadh air na sagairt no na manaich a bh’ anns na h-àiteachan sin. Sa Cheann a Tuath, tha e coltach gun robh Crìostaidhean ann am Paibeil “baile nam papar”; mar sin a tha Pabaigh, “eilean nam papar” sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdail. ’S e an dùbhlan, ge-tà, a bhith a’ ceangal nan àiteachan seo ris an sgìre Chrìostail nas fharsaing. An robh ceangal eadar Pabaigh agus Cill Choinnich? A bheil Pabaigh a’ ciallachadh “eilean nam papar (a bha a’ còmhnaidh ann)” air neo “eilean a bha leis na papar (a bha a’ còmhnaidh an àiteigin eile)”? Mas e an dàrna fear, chan eil sgeul orra a-nis ach an t-ainm (ged a tha beachd ann gum faodadh tobhta mhanach a bhith air an eilean; faic Papar Project). Agus mar sin, an robh ceangal eadar Paibeil agus aon de na làraichean eile sa Cheann a Tuath (Cille Mhoire agus Teampull Chliamain). Co-dhiù no co-dheth tha e coltach gun robh coimhearsnachdan Crìostail ann nuair a thòisich na Lochlannaich rin ainmeachadh.

Tha ceist chudromach an seo – cò iad a bha a’ fuireach ann an Uibhist mus tàinig na Lochlannaich? Tha e meadhanach soilleir gun robh ceangal làidir aig an eaglais ris a’ Ghàidhlig. Ach chan eil e cho soilleir gun robh an sluagh na b’ fharsaing nan Gàidheil. Ma dh’fhaodas clachan snaidhte innse cò an cànan a bhruidhneadh an sluagh, bhiodh na h-àrc-eòlaichean a’ cumail a-mach gur b’ iad na Cruithnich a bha a’ fuireach ann an Uibhist san linn seo. Chaidh leac air an robh snaidheadh Cruithneach a lorg faisg air Sunamul, Beinn na Faoghla, agus tha tè eile ann am Pabaigh, gu deas air Barraigh. Tha cuid eile san Eilean Sgitheanach, far an robh feum aig Calum Cille air eadar-theangaire gus bruidhinn ri sluagh an eilein, a rèir Adhamhnáin (([simple_tooltip content='VC = Anderson, A.O. and Anderson M.O. 1991. Adomnán’s Life of Columba (Oxford); Sharpe, R. 1995. Adomnán of Iona. Life of St Columba (Harmondsworth).']VC i.33[/simple_tooltip])). Tha beachd ann gun robh an sgìre a-tuath air Àird nam Murchan – an tìr-mòr agus na h-Eileanan – a’ bruidhinn na Cruithnis san 6mh agus 7mh linn. A thuilleadh air dealbhan snaidhte, chan eil fianais dhìreach mun ghnothach, ge-tà. ’S e am bun a th’ ann gum faodadh nach robh sluagh an eilein a’ bruidhinn na Gàidhlig anns an linn ro-Lochlannach no ann an Linn nan Lochlannach, eadhan ged a b’ i Gàidhlig cànan na h-eaglaise. Mar sin, dh’fhaodadh gun do ghabh iompachadh agus leasachadh na h-eaglaise rathad eadar-dhealaichte o na ghabhadh anns na h-Eileanan a-staigh agus Earra-Ghàidheil.
’S ann do ca. 700AD, no an linn Chruithneach mar a ghabh arc-eòlaichean air an àm seo, a bhuineas tìodhlacadh ann an Cille Pheadair ([simple_tooltip content='Parker Pearson, M. et al. (eds) 2018. Cille Pheadair. A Norse Farmstead and Pictish Burial Cairn in South Uist (Oxford), 21-41.']Parker Pearson et al. 2018, 21-4[/simple_tooltip]), agus tha e am measg nam pìosan fianaise an Uibhist a Deas on linn seo. Leis an fhar-ainm ‘Ceit Chille Pheadair’, tha e coltach gur e bean-uasal a bh’ innte agus i air a tìodhlacadh ann an dòigh nach eil gu follaiseach Crìostaidh, ged nach eil e ana-Chrìostaidh nas motha. Ann an cuid a dhòighean, tha an tìodhlacadh coltach ri tìodhlacaidhean eile san sgìre Chruithneach ann an Alba. Bidh cuid dhen bheachd gu bheil seo na fhianais gur ann do chultar nan Cruithneach a bhuineadh Eilean Uibhist a Deas san àm seo, ged a dh’fhaodadh e bhith nach b’ e dòigh tìodhlacaidh àbhaisteach a bha seo.
’S dòcha gur b’ anns an leth eile dhen 7mh linn a thòisicheadh gnothaichean ag atharrachadh a thaobh a’ chomainn-shòisealta is a’ chreideimh ann an Uibhist. Tha aithris air creach ann an [simple_tooltip content='AU = The Annals of Ulster (To Ad 1131) ed. S. mac Airt and G. Mac Niocaill (Dublin, 1983).']AU 672.2[/simple_tooltip] ‘Ibdaig air a sgriosadh’(Deleti sunt Ibdig). Chaidh beachd a chur air adhart o chionn goirid gur Ibdaig Uibhist ([simple_tooltip content='Clancy, T.O. 2018. ‘Hebridean connections: in Inbdone insula, Ibdaig, Eboudai, Uist’, Journal of Scottish Name Studies 12, <http://www.clanntuirc.co.uk/JSNS/V12/JSNS%2012%20Clancy.pdf>, 27-40.']Clancy 2018[/simple_tooltip]). Tha an tachartas seo, ’s dòcha an aon fhear a tha ag ainmeachadh Uibhist ann an sgrìobhainnean na linne seo, am measg aithrisean eile sna h-eachdraidhean Èireannach mu thachartasan air taobh siar na h-Alba, gu tuath air Àird nam Murchan.
AU 649.4 Cogadh sìol Áedán agus Gartnait mhic Accidain
(Cocath huae nAedhan 7 Gartnaith mc. Accidain)
AU 668.3 Turas-cuain mhac Gartnait a dh’Èireann còmhla ris an t-sluagh Sgitheanach
(…nauigatio filiorum Gartnaidh ad Hiberniam cum plebe Sceth)
AU 670.4 Sìol Gartnait a’ tighinn à Èireann
(Uenit genus Gartnaith de Hibernia)
AU 671.5 Mael Rubai a’ seòladh a Bhreatann
(Mail Rubai in Britanniam nauigat)
AU 672.2 Ibdaig [Uibhist?] air a sgriosadh.
(Deleti sunt Ibdig)
AU 673.1 Losgadh Mag Lunge [ann an Tiriodh]
(Combustio Maige Lunge)
AU 673.5 Mael Rubai a’ stèidheachadh eaglais na Comraich
(Mail Rubai fundauit eclesiam Apor Croosan)
AU 677.6 Beccán Rùma a’ bàsachadh
(Beccan Ruimm quieuit )
AU 688.2 Murt Cano mhic Gartnait
(Occisio Canonn filii Gartnaidh)
Tha e cudromach gu bheil an ‘sluagh Sgitheanach’ seo co-cheangailte ri cinneadh aig a bheil sloinneadh Cruithneach, ‘sìol Gartnait’, agus mac Gartnait, Cano, air a bheil ainm le coltas Cruithneach. Dh’fhaoidte gun robh, anns an linn seo, cogaidhean a’ dol eadar Cenél nGabráin, an cinneadh mòr ann an Dál Riata, agus sluagh nan eileanan gu tuath, a’ gabhail a-steach an Eilein Sgitheanaich, anns an robh eileanan agus manachainnean air an sgriosadh air an dà thaobh. Rè na h-aimhreit seo, thàinig manach cudromach o mhanachainn Bheannchair Mhòir (Bangor) ann an Èireann gu stèidheachadh manachainn ùir air a’ Chomraich: tha ainmean-àite a’ sealltainn gun robh buaidh an naoimh MoRubha (Mael Ruba) làidir san Eilean Sgitheanach, ach gun robh coisrigeadh cuideachd ann an Beàrnaraigh na Hearadh (DoSH: Mael-Ruba).
’S e as adhbhar gum b’ fhiach seo a thoirt fa-near an seo gu bheil e a’ toirt guth air an t-saoghal anns an robh Uibhist suidhichte. Tha aithris anns na h-eachdraidhean air cogaidhean saoghalta agus stèidheachadh eaglais le pearsachan aig nach robh ceangal ri Manachainn Eilein Ìdhe. Le seo air ar n-aire, tionndaidheamaid gu dà phearsa eile.
Bha Donnán Eigeach aithnichte leis mar a chaidh e fhèin agus a chuid mhanach a mhurt ann an 617 no 619. Ach, mar a thathas a’ deasbad air duilleag Dhonnáin air an làrach seo, agus an àiteachan eile, lean a’ mhanachainn oirre (air neo chaidh a h-ath-thogail) agus bha iomadh pearsa eile ceangailte ris an Eilean Eigeach anns na h-eachdraidhean tràth agus leabhraichean nam martar na dhèidh. San 7mh agus 8mh linn, saoil an do leudaich ceannas Manachainn Eilein Eige gu bhith na phrìomh eaglais gu sgaoileadh a’ chreideimh Chrìostail anns na h-Eileanan a-muigh? Chìthear Uibhist à Eige, tha fhios. Mar an ceudna, tha fianais gu leòr ann gun robh Coinneach ag obair anns na h-Eileanan, mar a thathar ag innse air duilleag Choinnich air an làrach seo. Dh’fhaoidte gun tàinig e a dh’Uibhist, a rèir an naomh-sheanchais aige. Chaidh naomh-sheanchas Choinnich a sgrìobhadh a’ leantail air Beatha Chaluim Chille le Adhamhnán Eilein Ìdhe, ach bha e rùn an naomh-sheanchais Coinneach urramachadh os cionn Chaluim Chille (faic ro-ràdh na Beatha aige). A-rithist, dh’fhaoidte gun do stèidhich Coinneach, no na co-arbannan (manaich) a thàinig na dhèidh, eaglais ann an Uibhist.
A dh’aindeoin na fianaise co-cheangailte ris an dithist seo, ge-tà, ’s fhiach e ràdh gur b’ e Manachainn Ìdhe a bha a’ putadh cràbhadh nan naomh seo. Tha fios againn gun robh a’ chuid a bu mhotha de choisrigidhean eaglais a’ sònrachadh gun robh cuideigin ga adhradh mar naomh (cf Peadar, Moire, Brìde), seach gun do rinn iad gnìomh shònraichte anns an àite. Mar sin dheth, ged nach urrainn dhuinn am beachd a dhiùltadh gun robh Donnán agus Coinneach ann an Uibhist, bhiodh e na bu shàbhailte dhuinn coimhead air na coisrigidhean seo mar adhradh a rinneadh le ginealaich eile, a rèir miann an luchd-stèidheachaidh a thàinig an dèidh nan naomh. Ach saoil cuin a thàinig iad?
Ged a tha cuid de choisrigidhean ann an Uibhist a’ buntainn ris an linn an dèidh Shomhairle Mhòir (m.e., Teampull na Trionaid); no ri linn far an robh na h-eileanan fo sgèith na h-Eaglaise Nirribhich (m.e., Cill Amhlaidh), tha cuid de na coisrigidhean Uibhisteach ann, is gu sònraichte sa Cheann a Deas, nach buin ris na linntean sin. Le sin, beachdaicheamaid air trì suidheachaidhean a dh’fhaodadh cur ris an tuigse a th’ againn air an fhianais.
1) Buaidh Manachainn Ìdhe (Linn nan Lochlannach). Tha deagh fhianais a’ sealltainn gun robh Manachainn Ìdhe cudromach ann an iompachadh nan Lochlannach anns na h-eileanan (cf [simple_tooltip content='Abrams, L. 2007. ‘Conversion and the Church in the Hebrides in the Viking Age: “A Very Difficult Thing Indeed”’, in B. Ballin Smith, S. Taylor and G. Williams (eds), West over Sea. Studies in Scandinavian Sea-borne Expansion and Settlement before 1300 (Turnhout), 169-93.']Abrams 2007[/simple_tooltip] mun iompachadh san fharsaingeachd). Tha fhios againn a-nis gun do lean Manachainn Ìdhe oirre tron 9mh agus 10mh linn ([simple_tooltip content='Jennings, A. 1998. ‘Iona and the Vikings: a study in survival’, Northern Studies 33, 37-54; Clancy, T. 2011. ‘Iona V. Kells: succession, jurisdiction and politics in the Columban Familia in the later tenth century’, Edmonds, F. and Russell, P. (eds.) Tome: Studies in Medieval Celtic History and Law in honour of Thomas Charles-Edwards. Series: Studies in Celtic History (31) (The Boydell Press: Woodbridge), 89-101.']Jennings 1998; Clancy 2011[/simple_tooltip]), seach mar a bhathar a’ tuigsinn. Bhiodh Manachainn Ìdhe ag obrachadh ann an lìonra ‘eadar-nàiseanta’, agus Mugrón, Aba Eilein Ìdhe agus “easbaig nan trì roinnean” (†980), a’ conaltradh ri prìomh bhàrd (filidh) na h-Èireann agus ri Amhlaíbh, uachdaran Lochlannach Átha Cliath a bhàsaich air taisteal ann an Eilean Ìdhe. Tha e coltach gun robh na h-Eileanan an Iar an lùib an t-saoghail Ìdhich seo cuideachd ([simple_tooltip content='Clancy, T. 2011. ‘Iona V. Kells: succession, jurisdiction and politics in the Columban Familia in the later tenth century’, Edmonds, F. and Russell, P. (eds.) Tome: Studies in Medieval Celtic History and Law in honour of Thomas Charles-Edwards. Series: Studies in Celtic History (31) (The Boydell Press: Woodbridge), 89-101.']Clancy 2011[/simple_tooltip]). A rèir sgoilearan eachdraidh, dh’fhaodadh gun robh làmh mhòr aig Mael Brìgte mac Tornáin, a bha air cheann an dà eaglaise Ceiltich (tè fo theagasg Chaluim Chille agus tè fo theagasg Phàdraig), ann an iompachadh nan Lochlannach agus gur b’ esan ‘an t-Easbaig Pàdraig’ a tha ga chomharrachadh sna h-aithrisean Lochlannach an dèidh làimhe ([simple_tooltip content='Smyth, A.P. 1984. Warlords and Holy Men. Scotland AD 80–1000 (Lunnainn), 141-74, 211-14; Dumville, D.N. 2004. ‘Mael Brigte mac Tornáin, Pluralist Coarb’, Journal of Celtic Studies 4, 97-116.']Smyth 1984, 211; Dumville 2004[/simple_tooltip]). Thathas a’ tuigsinn gun robh Donnán na naomh cudromach ann an iompachadh nan Lochlannach leis mar a chaidh a mhurt gu fòirneartach ([simple_tooltip content='Rekdal, J E. 2003-4. ‘Vikings and saints—encounters vestan um haf’, Peritia 17–18, 256–275; Clancy, T.O. 2015. ‘St Donnan of Eigg: Context and Cult’, Comann Eachdraidh Èigeach: <http://www.spanglefish.com/eigghistorysociety/index.asp?pageid=616291>.']Rekdal 2003-4, 264-9; Clancy 2015[/simple_tooltip]).
Mar sin dheth, tha na coisrigidhean ann an Uibhist na shamhla air cràbhadh nan naomh a bh’ air an leasachadh ann an Eilean Ìdhe san 8mh agus 9mh linn. Dhèanadh seo ciall an lùib choisrigidhean do Chaluim Chille agus Barr; do Dhonnán agus Coinneach (cuimhnich gu bheil Cill Chainnich ann an Eilean Ìdhe cuideachd); do Mhoire; agus gu sònraichte do Mhìcheal – tha coltas ann nach nochd cràbhadh an naoimh Mìcheal ann an Uibhist ron leth eile dhen 8mh linn.
Tha dàn sa Ghàidhlig, le Adhamhnán Aba Eilein Ìdhe, on 8mh no 9mh linn gar cuideachadh le mìneachadh cò mheud naomh Uibhisteach a dh’fhaodadh a bhith air an toirt a-steach tro leudachadh buaidh Manachainn Ìdhe. Na mhaileid, tha e ag innse dhuinn, tha taisean nan naomh, a’ gabhail a-steach (am measg eile): gruag agus aodach Moire; ròinn-lèine Brìde; ?failmhean Donnáin; ròinn-lèine Chaluim Chille; culaidh-aifhrinn Choinnich ([simple_tooltip content='Carney, J. 1983. ‘A macucáin, sruth in tíag’, Celtica 15, 25-41']Carney 1983[/simple_tooltip]).
’S e na tha sinn a’ faicinn an seo, ma-tà, gun do leudaicheadh buaidh Manachainn Ìdhe a-steach do na sgìrean a chuir na Lochlannaich fodhpa fhèin ann an Uibhist o chionn beagan ùine. Le iompachadh nan Lochlannach, chuireadh Manachainn Ìdhe i fhèin mar phrìomh eaglais nan eileanan. Mar sin, bhiodh eaglaisean gan stèidheachadh san linn seo a rèir miann agus uidhean Manachainn Ìdhe. Dh’fhaodadh gun do lean a’ bhuaidh seo oirre tro Linn nan Lochlannach agus nach robh uachdranas Nidaros/Trondheim cho dlùth sin. Gu follaiseach, bha buaidh mhòr aig Manachainn Beinidicteach Ìdhe, agus taigh nam ban-cràbhaidh a stèidhicheadh anns an 12mh linn, gu sònraichte ann am Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath.
2) Buaidh Manachainn Ìdhe (ro Linn nan Lochlannach). Dh’fhaodadh gun robh a’ bhuaidh a bh’ aig Manachainn Ìdhe ann na bu thràithe, agus ghabhadh a’ chuid a bu mhotha dhen fhianais mìneachadh san dòigh seo. Gu dearbh, tha fios againn gun robh Manachainn Ìdhe a’ brosnachadh Choinnich mar naomh on 7mh linn; a’ sgaoileadh sgeulachdan Bharra on 7mh linn; agus a’ sgaoileadh sgeulachdan Dhonnáin bhon 8mh linn. Tha fios againn cuideachd gun robh cràbhadh na h-Òighe Moire ann on 7mh linn, a rèir dhàn agus snaidheadh-cloiche.
Le seo air a ràdh, tha trioblaidean leis a’ bheachd seo. Cha robh mòran aig Adhamhnán ri ràdh mu na h-Eileanan a-muigh—b’ ann aig an Eilean Sgitheanach a bha aire a’ crìochnachadh san iar-thuath. Chan eil sin coltach gun robh Manachainn Ìdhe ag obair ann an eileanan an iar-thuatha. Tha aithris na h-eachdraidhean san leth eile dhen 7mh linn ag adhbhrachadh trioblaid cuideachd. Nan robh eileanan an iar-thuatha agus taobh siar na h-Alba fo bhuaidh Manachainn Ìdhe, ciamar a b’ e MoRubha, manach o Bheannchar Mòr, a stèidhich manachainn ùr air a’ Chomraich? Agus a thuilleadh air sin, carson a tha cho beag fianais ann air Crìostachd thràth sa cheàrnaidh seo? Chan eil e coltach ri obair cho-òrdanaichte Manachainn Ìdhe.
3) Coinneach agus Donnán agus Na h-Eileanan an Iar. Tha deagh fhianais gun robh Donnán agus Coinneach a’ stèidheachadh eaglaisean anns na h-eileanan. A thaobh Donnán, leanadh no dh’ùraicheadh a mhanachainn ann an Eige an dèidh a bhàis agus murt na coimhearsnachd ann an 617/619, agus tha fianais gu leòr gur b’ e àite cudromach a bha sa mhanachainn san 8mh linn ([simple_tooltip content='Clancy, T.O. 2015. ‘St Donnan of Eigg: Context and Cult’, Comann Eachraidh Èigeach: <http://www.spanglefish.com/eigghistorysociety/index.asp?pageid=616291>.']Clancy 2015[/simple_tooltip]). Dh’fhaodadh gun robh Manachainn Eige glè chudromach ann an sgaoileadh na Crìostachd anns na h-Eileanan an Iar san 7mh agus 8mh linn, mus tàinig na Lochlannaich, agus gur e seo a tha coisrigeadh Cille Donnain a’ sealltainn. Mar an ceudna, ma tha fìrinn ann am mìneachadh aon earrainn à Beatha Chainnech ([simple_tooltip content='Clancy, T.O. 2018. ‘Hebridean connections: in Inbdone insula, Ibdaig, Eboudai, Uist’, Journal of Scottish Name Studies 12, <http://www.clanntuirc.co.uk/JSNS/V12/JSNS%2012%20Clancy.pdf>, 27-40.']Clancy 2018[/simple_tooltip]), bhathar dhen bheachd san 8mh linn gun robh Cainnech ag obair ann an Uibhist. Eu-coltach ri Donnán ge-tà, chan eil fhios againn càit an robh a phrìomh ionad anns na h-eileanan, ged nach eil e coltach gur b’ e Uibhist a bh’ ann. Ge brith càit an robh manachainn Chainnech, ’s dòcha gun robh e a’ sgaoileadh na Crìostachd anns na h-Eileanan an Iar san 7mh agus 8mh linn, coltach ri Manachainn Eige, agus gur e sin as coireach gu bheil na coisrigidhean seo ann an Uibhist. Dh’fhaodadh gu bheil an fhianais a th’ againn a’ sealltainn obair na h-eaglaise tràtha ann an Uibhist, fo bhuaidh phearsachan an leithid Choinnich agus Dhonnáin, no na co-arbannan (manaich) a thàinig nan dèidh.
Dh’fhaodadh a’ chiad beachd agus am beachd mu dheireadh a bhith le chèile fìor. Dh’fhaodadh gun robh manachainnean eile a’ sgaoileadh na Crìostachd anns na h-Eileanan an Iar, mus deach a dhaingneachadh le Manachainn Ìdhe ann an Linn nan Lochlannach. Dh’fhaodadh gu bheil coisrigidhean nan eaglaisean ann an Uibhist a’ nochdadh obair na h-eaglaise tràth cho math ri buaidh Manachainn Ìdhe san 9mh linn agus na dèidh. Tha fios againn gun do lean an coisrigeadh air anns na linntean eile, mar eisimpleir le Cill Amhlaidh agus Teampull na Trionaid.
Ach às aonais fianaise cinntich, chan eil againn ach tuairmsean beachdachaidh. ’S e na chuir sinn fur comhair air an làrach-lìn seo an fhianais mar a th’ againn gus Crìostachd thràth an Uibhist a thuigsinn, agus anns an ro-ràdh seo, tha corra dhòigh gus an fhianais sin a mhìneachadh. Chan iad seo na h-aon dòighean agus tha sinn cinnteach gun lean daoine orra le beachdan agus fianaisean ùra sna bliadhnaichean a leanas.


