
Adhbhar a' phròiseict
Chan eil ach beagan eòlais againn air eachdraidh thràth na Crìostachd ann an Uibhist. Ged a tha dualchas mòr anns an sgìre a tha ceangailte ri làraichean is naoimh shònraichte, tha cion chothroman ann air sgoilearachd ùr a tha a’ tarraing nan cleachdaidhean sin ris an rannsachadh as ùire gus eachdraidh agus dìleab na Crìostachd a thuigsinn anns na h-eileanan seo. ’S e dùbhlan dha-rìreabh nach eil ach fìor bheag de chlàr eachdraidheil ann mu Uibhist agus na h-Eileanan a-muigh airson nan linntean ro Thighearnas nan Eilean. Tha seo a’ fàgail gum feum sinn am fiosrachadh a th’ againn a sgrùdadh gu cùramach – arc-eòlas agus ainmean-àite nam measg. ’S e comharra follaiseach air Crìostachd thràth a th’ anns an fhianais arc-eòlasach a leithid chlachan air a bheil comharra na cròise. Ge-tà, tha dùbhlan an cois arc-eòlais—chan eil gainnead fianaise a’ ciallachadh nach robh a’ Chrìostachd ann. Seo far a bheil ainmean-àite feumail. Tha sgoilearan agus daoine eile a’ tuigsinn cho cudromach agus a tha ainmean-àite gu mìneachadh cultair agus comainn-shòisealta. Bidh iad cuideachd a’ giùlan cràbhadh nan naomh agus creideamhan sgìreil agus nàiseanta.
Tha e an rùn a’ phròiseict seo na ciad cheumannan a thoirt gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air a’ Chrìostachd ann an Uibhist, le aire shònraichte ga toirt do dh’ainmean-àite agus fianais arc-eòlasach. Chaidh 45 làraichean a chomharrachadh a dh’fhaodadh a bhith gu feum san sgrùdadh seo. Tha sinn a’ cur fur comhair air an làrach seo corra dhòigh gus an fhianais seo a mhìneachadh, ged as e màthair adhbhair a’ phròiseict deasbad agus còmhradh mun fhianais a phriobrachadh gus suidheachadh Uibhist a thuigsinn an cois eachdraidh Crìostachd nan Eilean Siar.
Amasan a’ phròiseict
Gus fiosrachadh a tharraing ri chèile air na chaidh a sgrìobhadh mu Chrìostachd thràth is mheadhan-aoiseil ann an Uibhist.
Am measg amasan a’ phròiseict, tha cothlamadh an fhiosrachaidh mun phròiseact Papar. Tha seo a’ gabhail a-steach na fhiosraich na Lochlannaich mun Chrìostachd thràth anns na h-eileanan.
Gus làraichean is ainmean-àite iomchaidh a chomharrachadh a thaobh Crìostachd thràth is mheadhan-aoiseil ann an Uibhist.
Rinneadh sgrùdadh air a’ chiad mhapa Òrdanais gus ainmean-àite feumail a chomharrachadh agus thug sin bun-stèidh do na cinn-dhuilleige air an làrach. Tha na làraichean seo gan sgrùdadh an lùib fiosrachaidh o leithid Canmore agus DoSH, agus stuth foillsichte eile.
Gus na naoimh a chnuasachadh an cois nan làraichean Uibhist.
Chomharraich sgrùdadh tòiseachail àireamh naomh freagarrach (faic Naoimh). Tha iad seo gan toirt fa-near fa leth agus, mar as iomchaidh, an cois duilleagan an ainm-àite (faic Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, and Uibhist a Deas).
Sgioba pròiseict
Prìomh rannsaichear: An t-Oll Thomas Clancy (Oilthigh Ghlaschu)
Neach-taice rannsachaidh: Dr Sofia Evemalm-Graham (Oilthigh Ghlaschu)
Oifigear pròiseict/eadar-theangaire: Liam Alastair Crouse (Ceòlas Uibhist)
AIRE: leis gu bheil na h-uimhir de fhiosrachadh a' nochdadh air an làraich seo, chan eil ach 'Geàrr-chunntas a' Phròiseict' ri fhaighinn sa Ghàidhlig.


